Caol Acain

‘S e baile socair iasgaich a th’ ann an Caol Acain, a tha air a dhìon le Beinn na Caillich agus Sgurr na Coinnich, a tha 2,400 troigh os cionn a’ chladaich. Tha na beanntan seo (a tha nam beanntan Greumach!) a’ coimhead a-null air cuid de na coilltean faidhbhile mu dheireadh anns an Eilean Sgitheanach a tha nan tèarmann don fhiadh-bheatha dhùthchasach.

Faodaidh na h-aoighean as dàna Beinn na Caillich a shreap on bhaile agus ged a tha an ceum car garbh tha na seallaidhean on mhullach air leth: seallaidhean don a h-uile àird, sìos thar Drochaid an Eilein, thar Loch Aillse gu lèir, suas air a’ Chuiltheann agus sìos Loch Aillse air Peathraichean Chinn Tàile - abair sealladh eireachdail! ‘S urrainear Beinn na Caillich and Sgurr na Coinnich a ruigsinn bho àite tòiseachaidh nan ceumannan air rathad Chaol Reatha, far a bheil aiseag Ghleann Eilg.

Tha ceumannan coise mu thimcheall a’ bhaile fhèin airson aoighean a tha airson cuairt nas sìtheil a ghabhail: a-null gu Caisteal Maol, mu thimcheall an Òib air cùlaibh a’ bhaile, air a’ chladach a dh’ionnsaigh na Drochaid don Chaol (far am faighear sealladh don a h-uile àird suas is sìos Loch Aillse) no aig a’ cheann thall suas gu Cnoc a’ Mhadaidh Ruaidh (agus seallaidhean math air Drochaid an Eilein suas don Àth Leathann) - bheir sinn mapa feumail de na ceumannan seo dhuibh (anns gach seòmar cadail is seòmar-suidhe), agus chithear am mapa air a’ bhòrd fiosrachaidh ann am meadhan a’ bhaile.

Bidh iomadh cothrom agaibh ann an Caol Acain fhèin air tachairt ri feadhainn de na Sgitheanaich as gràdhaiche: a’ bhiast-dhubh agus a’ chorra-ghritheach!! Ma ghabhas sibh sgrìob don Òb (an cala a chithear air cùl a’ bhaile) chì sibh corra-ghritheach anns gach àite don tèid sibh, gu h-àraid anns na mìosan as blàithe, agus ‘s e an acarsaid fhèin an sgìre as luachmhoire far am bi a’ chorra-ghritheach a’ dìon a còraichean iasgaich air beulaibh an taigh-òsta! Ach cha bhi e a cheart cho soirbh a’ bhiast-dhubh fhaicinn, ach eadar Am Màrt agus An t-Ògmhios, chithear iad air a’ chidhe is air a’ phontoon aig ciaradh an fheasgair no beul an latha. Ann am mìosan a’ gheamhraidh, nuair a tha an t-àite nas sàmhaiche, chithear iad gu bitheanta ann am meadhan an latha nuair a tha tràigh mhòr ann, is iad ri iasgach anns an acarsaid air beulaibh an taigh-òsta!

Chan fhaod sinn tuairisgeul a dhèanamh air Caol Acainn gun a bhith ag ainmeachadh Caisteal Maol - seann chaisteal Chlann MhicFhionghain - aig a bheil eachdraidh agus dualchas sùghmhor nan Lochlannach! Tha sgeulachdan ann mu na cinn-cinnidhean a’ coinneachadh gu dìomhair is cìsean gan cur air soithichean gun fhiosta, agus tha sgeul inntinneach air bòrd-fiosrachaidh sa chaisteal, agus bidh cuid a mhuinntir Chaol Acain ro dheònach beagan seanchais innse dhuibh, ma dh’iarras sibh orra! Chithear Caol Acain anns na làithean a dh’aom aig Am Baile agus air làrach-lìn Chomann Eachdraidh Chaol Acain.

Tha muinntir chòir na sgìre am pailteas, ann am fear de na taighean-seinnse sa bhaile (tha bùth beag annta), no Bùth Cofaidh Harry, no ma ghabhas sibh sràid suas gu Taste of India feasgar - chì sibh gu bheil a h-uile duine air an socair an seo - gabhaibh air ur socair fhèin is gabhaibh tlachd às an dòigh-beatha Sgitheanach! Airson an tuilleadh fiosrachaidh air taighean-bìdh san sgìre thoiribh sùil air Biadh.

Dealbhan