Clàr-bìdh Bracaist
Gheibhear bracaist bruichte slàn no bracaist fuar an cois a h-uile cuid oidhche.
Tha sinn moiteil às a’ bhracaist againn (‘s e am biadh as cudromaiche gu dearbh!), agus tha sinn fortanach gun urrainn dhuinn ‘fear de na seallaidhean as fheàrr bhon bhòrd bhracaist’ san Eilean Sgitheanach a thoirt dhuibh!
Tha cofaidh ùr bleithte daonnan ri fhaighinn aig àm bracaist agus gheibhear poit ùr tì, Earl Grey nam measg, uair sam bith.
Ugh air a phoidsigeadh, air sgramalach no air a fhrighigeadh
Isbean, isbean Quorn (gun fheòil), hama, tomàto às an àmhainn, ponairean
Croissant, bagel, tost geal no donn
Diofar sheòrsachan silidh/marmalade/mil, Marmite agus Nutella!
Càise bog Philadelphia Light agus Original
Diofar sheòrsachan de yoghurt, bloighean grapefruit, plumasan seargte, peitseagan agus peuran
Taghadh mòr mheasan
Sùgh mheasan agus taghadh mòr de ghràin bhracaist.
Chan eil sinn a’ cleachdadh ach uighean bho chearcan a’ bhlàr a-muigh agus tì/cofaidh/siùcar is teoclaid theth Fairtrade leis a’ chompanaidh Traidcraft.
Tha sinn a’ cleachdadh mheasan ùra Organic/FairTrade nuair a tha iad ri fhaotainn.
Tha dà chathair pàiste ri fhaighinn san t-Seòmar Bhracaist.
Taighean-bìdh san sgìre
Ged nach eil sinn fhèin a’ dèanamh dìnnear feasgair san taigh-òsta tha sinn air leth fortanach leis na th’ ann de bhùithtean, taighean-cofaidh is taighean-bìdh a tha faisg air an taigh-òsta. Tha busaichean is tacsaidhean san sgìre a bheir sibh a-null don Chaol far a bheil taighean-cofaidh, taighean bìdh is taighean-seinnse, cho math ris an fheadhainn sa bhaile fhèin.
Tha taghadh ann an Caol Acain eadar 3 àiteachan airson deoch-làidir fhaighinn agus ma dh’fhaoidte beagan ciùil, gu h-àraid air an deireadh-seachdain! Tha seòmar-bìdh is bàr anns an King’s Arms, agus bàr eile nas beothaile buileach agus chan eil e ach 5 mionaidean air falbh ann am meadhan a’ bhaile. Tha ceòl ann do dhaoine beagan “nas sine”, airson daoine às an sgìre agus daoine a tha a’ fuireach san taigh-òsta. ‘S iad Saucy Mary’s agus a’ Haakon na taighean-seinnse ionadail ann am meadhan a’ bhaile far am faighear biadh tron latha agus air an fheasgar, agus ceòl math a tha ag amas air daoine beagan nas òige, agus tha Saucy Mary’s air fear de na h-òsdailean a tha anns a’ bhaile.
Tha 2 thaigh-bìdh math a chithear air taobh deas na duilleig sa taobh thall na drochaid, agus tha taighean-òsta ann far am faigh sibh dìnnear mhath bhlasta, cho math ri taighean-seinnse agus taigh-cofaidh.
Bidh na h-aoighean againn daonnan a’ moladh nan taighean-bìdh air taobh deas na duilleig sa airson biadh meadhain-latha no dìnnear.
Tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh bòrd as t-samhradh leis cho trang ‘s a bhios na h-àiteachan. Bidh sinn ro thoilichte feuchainn ri bòrd a chur air dòigh air ur son.
Feumar àite a ghlèidheadh airson biadh meadhain-latha agus dinnear feasgair anns an Three Chimneys Restaurant (a tha air fear de na 50 Taighean-bìdh as fheàrr san t-saoghal a rèir Restaurant Magazine), co-dhiù seachdainean no mìosan ron turas agaibh don Eilean Sgitheanach! Tha mòran aoighean againn air biadh a ghabhail an sin agus bha e ri mholadh gu mòr!
Feumar na leanas a thìde a chosg sa chàr eadar Am Fraoch Geal agus na h-àiteachan seo:
An Caol - 5 mionaidean
Breacais - 5 mionaidean
An t-Àth Leathann - 10 mionaidean
Am Ploc - 15 mionaidean
Port Rìgh - 45 mionaidean
Dùn Bheagan - 45 mionaidean
Cealabost - 1 uair
Steinn - 1 uair, 30 mionaidean