Seòmraichean

Tha sinn an dòchas gum bi Am Fraoch Geal mar ‘dhachaigh anns an Eilean’ dhuibh agus tha sinn airson a h-uile rud a dh’iarradh sibh a chur air dòigh dhuibh. Chan fheum sibh ‘sinc a’ chidsin’ a thoirt leibh a chionn ‘s gum bi fear agaibh an seo!!

Chan eil ach 9 seòmraichean seasgair againn do dh’aoighean:

5 Seòmraichean dùbailte, le taigh-beag agus frasair - 4 le sealladh an acarsaid/an loch, 1 le sealladh gu cùl an taighe-òsta
2 Sheòmar dà leapa, le taigh-beag agus frasair - sealladh air an acarsaid bhon 2 sheòmar seo
1 Sheòmar dà leapa** le taigh-beag agus amar (frasair os a chionn) - sealladh gu cùl an taigh-òsta
1 Sheòmar teaghlaich le taigh-beag is frasair - sealladh gu cùl an taigh-òsta

Tha leabaidh dhùbailte 4’6” (6’3” a dh’fhaid) anns gach seòmar dùbailte - meud coitcheann.
Tha dà leabaidh shingilte 3’ (6’6” a dh’fhaid) ann an 2 sheòmar da leapa - faodar an atharrachadh gu leapannan super king air iarrtas - faodar creathal no leabaidh bheag pàiste a chur an seo airson pàiste nas bige.
Tha dà leabaidh shingilte 3’ (6’3” a dh’fhaid) ann an 1 seòmar dà leapa** - meud coitcheann - ‘s urrainnear leabaidh shingilte eile 2’6” (6’3” a dh’fhaid) a chur san t-seòmar seo.
Tha leabaidh dhùbailte agus 2 leabaidh shingilte anns an t-seòmar theaghlaich - faodar creathal no leabaidh bheag pàiste a chur an seo airson pàiste nas bige.

Tha na nithean a leanas ri fhaighinn anns a h-uile seòmar:

Pasgan fàilteachaidh an taigh-òsta agus an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse
Telebhisean LCD le freeview didseatach air a bheil caochladh shianalan a leithid filmichean/naidheachdan/rèidio
Tiormadar fuilt
Plaideachan is botal teth
Plaideachan is cluasagan Microfibre (non-allergenic)
Anart Èiphiteach
Tubhailtean canaich
Brèidean aodainn air iarrtas
Trèidh aoighean: taghadh mòr de thì is chofaidh Fairtrade (agus decaf.), teoclaid theth, Milac & Cafe Maid (am bainne UHT as fheàrr ach na gabh dragh tha bainne ùr ann an Cidsin nan Aoighean shìos an staidhre!), agus briosgaidean blasta cuideachd! Tha poit tì is mugaichean ann cuideachd (seach cupannan!)
Tha an t-uisge anns na seòmraichean air tighinn bhon uisge phoblach is gabhaidh e òl - tha e blasta - chan eil feum air botalan uisge an seo a tha a’ dèanamh cron air an àrainneachd!!
Tha binichean san t-seòmar-cadail agus san taigh-bheag.
Tha deagh chùirtearan trom ann gus nach dùisg solas na maidne sibh agus airson an seomar a chumail blàth is seasgair air an oidhche.

Tha innealan DVD an cois nan TBhan anns an t-seòmar theaghlaich agus san t-seòmar dhùbailte (am fear anns an urrainnear leabaidh eile 2’6” a chur).

Seòmraichean-suidhe

Gheibhear fois is sìth anns na seòmraichean seo uair sam bith, a latha ‘s a dh’oidhche, fhad ‘s a tha sibh còmhla rinn agus ged nach eil bàr againn, tha sibh làn dì-beathte na deochanan agaibh fhèin a thoirt ann is bheir sinn glainneachan dhuibh.

An Seòmar as motha:

Telebhisean mòr LCD TBh le DVD agus sianalan freeview - CHAN FHAODAR coin a thoirt a-steach don t-seòmar seo.

An Seòmar as lugha:

Inneal ciùil Bose Wave Rèidio/CD agus taghadh de CDan - FAODAR coin a thoirt a-steach don t-seòmar seo.

An dà sheòmar:

Sofathan / sèithrichean mòra
Clàran-bìdh airson a h-uile taigh-bìdh ionadail agus feadhainn a tha nas fhaide air falbh
Bòrd-cofaidh agus bùird nas bige
Leabhraichean, irisean, bileagan turasachd

Geamannan agus dèideagan
Dèideagan do chlann òg
Rudan milis!

Seòmar Leughaidh

Tha an Seòmar Leughaidh aig bàrr na staidhre agus faodaidh aoighean a chleachdadh a latha ‘s a dh’oidhche. Tha na leanas ri fhaighinn ann:

iMac, a tha ceangailte ri wi-fi an taigh-òsta, a tha ri fhaighinn air feadh an taigh-òsta a dh’fhaodas aoighean a chleachdadh air na coimpiutairean aca fhèin
Taghadh leabhraichean agus irisean naidheachdan is siubhail
Taghadh DVDan a dh’fhaodas aoighean a chleachdadh fhad ‘s a tha iad còmhla rinn

Cidsin airson Aoighean

Tha an Cidsin airson Aoighean shìos an staidhre agus a-rithist faodaidh aoighean a chleachdadh a latha is a dh’oidhche. Tha na leanas ri fhaighinn ann:

Frids agus bocsa beag reòthaidh ann (agus cnapan deighe ann!)
Bainne ùr leth-lom, ìm is margarain
Inneal nigheadaireachd/tiormachaidh agus greis-nighe luath 15 mionaidean ann!
Siabann nigheadaireachd
Iarann is bòrd iarnaigidh
Sgeilp theth airson tiormachadh
Coire, inneal cofaidh is inneal tost

Cofaidh bleithte is cnapach, tì is siùcar
Microwave
Sinc, siabann shoithichean, brèid
Clàr-gearraidh is sgèinean/forcaichean is spàinean/copanan is glainneachan
Pocannan airson biadh
Bucaid bheag is brèid

Tha sinn an dòchas gum bi a h-uile nì an seo airson ur cuideachadh!

Dealbhan