A’ Siubhal don Eilean Sgitheanach
Tha e gu math soirbh faighinn gu stèisean rèile no bus bho na puirt-adhair ann an Dùn Èideann, Glaschu no Inbhir Nis ma thig sibh air an itealan. Ma thig sibh gu Heathrow, Gatwick no Stanstead ann an Sasainn, tha Seirbheis Caledonian Sleeper aig Scotrail eadar Lunnainn (Euston Station) is Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis no An Gearastan, far am faighear trèanaichean no seirbheis bus airson crìoch a chur air an turas agaibh don Eilean.
Ma thèid sibh don Ghearastan, agus sibh an dùil an aiseag fhaighinn eadar Malaig is Armadal san Eilean Sgitheanach, carson nach tig sibh air an trèana smùide "Jacobite" gu Malaig. Tha e air ainmeachadh mar fhear de na “Tursan Rèile as Fheàrr san t-Saoghal”, agus is math as fhiach a dhèanamh, ma tha sibh airson an turas aig Harry Potter a dhèanamh air drochaid-rèile Ghleann Fhionghain anns a bheil 21 stuadh no ma tha sibh airson tlachd fhaighinn às a’ mhonadh ghruamach a chithear air gach taobh dhibh.
‘S ann taobh Inbhir Nis a thig a h-uile turas rèile bho Dhùn Èideann no Glaschu don Chaol. Tha Rathad-iarainn a’ Chaoil (Inbhir Nis – An Caol) air ainmeachadh mar an turas rèile as bòidhche ann am Breatainn agus choisinn e cliù àraid nuair a nochd e air Michael Palin’s Greatest Railway Journeys! Nuair a ruigeas sibh an Caol, chan eil an t-àite-bus ach pìos beag air falbh bhon stèisean-rèile agus feumar bus fhaighinn no tacsaidh a chur air dòigh ro làimh a bheir sibh a-null air an Drochaid a Chaol Acain. Tha Am Fraoch Geal glè fhaisg air an àite-bus ann an Caol Acain.
Na biodh dragh oirbh ma thig sibh anns a’ chàr no air bus – bidh cothroman gu leòr ann air Rathad-iarainn a’ Chaoil fhad ‘s a bhios sibh an seo – air turas latha a dh’Inbhir Nis no air turas 90 mionaid gu Srath Carrann – agus tha taigh-tasgaidh is ionad-turasachd anns an stèisean cuideachd- ‘s fhiach tadhail air!
Gheibh sibh uairean is prìsean bhusaichean bho CityLink ma thig sibh air a’ bhus bho Ghlaschu, Dùn Èideann no Inbhir Nis. Bheir busaichean CityLink a-null air Drochaid an Eilein sibh a Chaol Acain fhèin is ‘s urrainnear coiseachd an sin don Fhraoch Gheal.
Ma tha sibh airson an turas a ghabhail air ur socair, ach cothrom air càr a chleachdadh fhad ‘s a tha sibh an seo, carson nach fhàg sibh an càr aig an taigh agus càr fhaighinn air màl anns a’ Chaol – tha e nas saoire na shaoileadh sibh – ach feumar càr a ghlèidheadh fada ro làimh, gu seachd àraid ma tha sibh an dùil a thighinn as t-samhradh.
Seirbheis Bus an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse
‘S ma dh’fhaoidte gu bheil sibh den bheachd gum bi càr riatanach airson tlachd fhaighinn às na saor-làithean agaibh anns an Eilean Sgitheanach, agus gu dearbh fhèin tha barrachd chothroman ann airson rathaidean ionadail a shiubhal ma tha càr agaibh, ach tha dòighean siubhail eile ann a chuireas ris an turas agaibh a dh’Eilean a’ Cheò. Tha companaidhean tacsaidh/turais san sgìre ann (a mholamaid fhèin mar an dòigh as fheàrr mura h-eil càr agaibh), agus seirbheis bus bhon Chaol/Chaol Acain co-cheangailte le CityLink airson siubhal do na bailtean as motha, is air an ruigear àiteachan inntinneach a leithid Caisteal Armadail, Caisteal Eilean Donnain agus Ealaghol. Gheibhear Tiocaid Day Rider air £7.50 is cha ruig sibh a leas ach suidhe air a’ chathair leis a’ chlàr-ama agus an latha agaibh fhèin a chur air dòigh. (Chan eil CityLink a’ gabhail ri Tiocaid Day Rover)
Bidh an t-seirbheis 50/51/51A/52 eadar Caol Acain is Cidhe Armadail a’ stad aig an Àth Leathann, Ceann-rathaid an Druim Fheàrna, Eilean Iarmain, Sabhal Mòr Ostaig (Colaiste Ghàidhlig).