Tha àrainneachd iom-fhillte anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, agus lochan, beanntan, glinn, coilltean, monaidhean agus cladaichean fada (aig lochan fìor-uisge agus a’ mhuir), a tha na àite air leth freagarrach do dh’iomadh seòrsa fiadh-bheatha air tìr, anns an adhar agus san uisge, mar sin mas e fiadh-bheath a tha sibh a’ sireadh tha an dearbh rud sin anns an sgìre seo!
Tha am Fraoch Geal ann an àite fìor mhath ma tha ùidh agaibh ann am biastan-dubha, agus Ionad Bright Water suidhichte an ath dhoras. Bidh iad a’ cur thursan air dòigh anns an Eilean Bhàn (an t-eilean anns an robh Gavin Maxwell a’ fuireach agus air a bheil cas na drochaid mus ruig i an t-Eilean Sgitheanach) a tha na àite glèidhte airson nam biastan-dubh far a bheil bothanan falaichte, agus anns an Ionad tha taisbeanaidhean a ghabhas obrachadh leis an luchd-tadhail agus mòran fiosrachaidh air fiadh-bheatha na sgìre. Chithear na biastan-dubha aig a’ chidhe gu bitheanta, a’ sealg am measg na feamad, ged a dh’fheumar a bhith glè fhoighidneach airson aiteal fhaighinn dhiubh! A-null gu Caol Reatha (30 mionaid air falbh sa chàr, ged nach eil e ach 4 mìle air falbh taobh a’ chladaich!!) chithear Tèarmann Bhiastan-Dubha Chaol Reatha, far a bheil raon-chàraichean is bùird-fiosrachaidh aig toiseach a’ cheuma-coise, ceum don bhothan fhalaichte far an urrainnear suidhe agus sealladh fhaighinn den fhiadh-bheatha – chì sibh biastan-dubha gu dearbh ach cuideachd ma bhios sibh fortanach, chì sibh peileagan, ròin is iomadh seòrsa eòin!
Chithear ròin air feadh an eilein ach tha iad am pailteas taobh thall na drochaid anns a’ Phloc (bhon chladach fhèin no air na Tursan Ròin aig Calum), air na tursan bàta Seaprobe Atlantis/Spirit of Adventure bhon Chaol, air fear de na 3 tursan gu Loch Coir’-Uisge ainmeil, no bho chladach Loch Dhùn Bheagan agus na Tràighean Coreil no air fear de na tursan bàta bho Chaisteal Dhùn Bheagan.
Chithear mucan biorach (leumadairean) ann am mòran de na lochan mara – an seo ann an Loch Aillse agus aig beul Loch Carrann. Chithear leumadairean cumanta air fear de na tursan air bàtaichean RIB còmhla ri AquaXplore ann an Elgol agus SeaFari ann an Armadal.
Chithear an Iolaire Cladaich air feadh an eilein (chan e èisg a-mhàin a bhios iad a’ sealg!), ach tha barrachd chothroman ann airson am faicinn air fear de na tursan bàta ann an cidhe Phort Rìgh: tha fèill mhòr air MV Stardust agus Brigadoon agus deagh chothroman airson dealbhan fhaighinn de na h-eòin àlainn seo is iad ri sealg!
Tha an Iolaire Bhuidhe ri fhaicinn air feadh an eilein, ach nas bitheanta air a’ mhonadh, far am bi i a’ sealg. Cumaibh sùil gheur fhad ‘s a tha sibh a’ siubhal a chionn ‘s gu bheil stoban feansaidh a’ còrdadh ris an dà chuid iolairean agus clamhanan mar àite suidhe ri taobh an rathaid! Cuimhnichibh agus prosbaig agus camara le gloinne zoom a thoirt leibh!!
Ma tha sibh òg fhathast nur dòighean is sibh ag iarraidh turas a tha nas mìlse is nas molaiche, nach gabh sibh cuairt suas don Mheall ann am Port Rìgh, far am faic mi coineanach a h-uile turas a thèid mi ann!! Tha fhios gum biodh Iolairean Buidhe is Iolairean Cladaich ann am pailteas mura b’ e gu robh na h-uimhir a chraobhan ann a’ dion nan caraidean molach againn!! Bhon àite seallaidh seo chì sibh a-null don Chuiltheann ach nas fhaisge na sin chì sibh seallaidhean math air Beinn Tianabhaig agus Ratharsair.
Ma tha sibh measail air eòin, tha cladach math ann far am faicear eòin-ghrunnachaidh is eòin-mhara, gu h-àraid anns an Àth Leathann, a tha 10 mionaidean air falbh sa chàr. ‘S e cladach fada a th’ ann a tha a’ sineadh seachad air Achadh a’ Chùirn gu Breacais, far a bheil tràighean falaichte a tha air leth freagarrach airson cuirm-chnuic as t-samhradh – ach cuimhnichibh gur e àiteachan prìseil iomallach a tha seo, far nach eil taighean-beaga no binichean, mar sin feumar a h-uile nì a thoirt air ais don chàr còmhla ribh!! Tha coille is monadh nan dachaigh airson eòin nas bige, agus gheibhear tlachd às na ceumannan-coise ann an Slèite agus cuideachd ann an Srath na h-Àirde sìos a dh’Ealaghol agus ann an sgìre Loch Aillse far a bheil pailteas choilltean (Am Ploc, Baile Mac Ara/Rèaraig, Gleann Eilg, Cinn Tàile).