Rudan ri dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach

Tha meall rudan ri dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse:

tadhal air caistealan (cuid a chaidh a leagail, cuid a tha slàn fhathast agus fear dhiubh anns a bheil cuideigin a’ fuireach fhathast!)

gnothaichean anns a’ bhlàr a-muigh a leithid goilf, marcachd, coiseachd, streap, spòrs curaich, iasgach is rannsachadh nàdair, an dà chuid air muir no air tìr, air fear de na tursan bàta san sgìre!!

gnothaichean a-staigh a leithid tadhal air na bùithtean no fear de na bùithtean ealain is ciùird, no air fear de na taighean-tasgaidh ionadail no ionadan turasachd

Tha an t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse freagarrach airson turas a chionn ‘s gu bheil na seallaidhean cho eireachdail sa h-uile àite don tèid sibh, mar sin, gheibh sibh tlachd às an t-siubhal an àite a bhith a’ fàs sgìth dheth! Tha na cinn-iùil ri lorg air feadh an turais sa chàr, an àite a bhith ann aig an fhìor dheireadh a-mhàin – mar sin, chan eil turas a Chaisteal Eilean Donnain ach na phàirt dhe thuras mòr mu thimcheall sgìre Ghleann Eilg (a’ fàgail an Eilein air aiseag Chaol Reatha), a’ tadhail air Dùin Ghleann Eilg à Linn an Iarainn, gu Loch Shubhairne a tha uabhasach brèagha, seachad air Bealach Màm Ràtagain, mu thimcheall Loch Seile, taobh Chinn Tàile agus suas don Dòrnaidh far am faicear Eilean Donnain is am baile agus na beanntan àlainn a tha ga chuairteachadh, far a bheil Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse a’ coinneachadh, mus siubhail sibh air ais don Eilean Sgitheanach, ma dh’fhaoidte tron bhaile bheag bhrèagha Baile Mac Ara, tron Chaol is air ais don eilean air Drochaid ainmeil an Eilein Sgitheanaich!

Tha sinn airson fiosrachadh is ceanglaichean lìn a thoirt dhuibh anns an Roinn ‘Rudan Ri Dhèanamh’ gus am faigh sibh na tha comasach às an turas agaibh don sgìre eireachdail seo.

Ma tha sibh airson na làithean agaibh a chur air dòigh ro làimh, mholamaid am mapa Philips Red Book for Skye & Lochalsh (map) - a tha ri fhaighinn aig.

Airson sealladh aithghearr den sgìre faicibh am map againn fhèin den Eilean Sgitheanach is Loch Aillse.

Agus, carson nach faigh sibh am fiosrachadh as ùire air an sgìre air an duilleig Facebook againn, a chì sibh air an duilleig fhàilteachaidh againn is cha ruig sibh a leas logadh a-steach a-nis!

Dealbhan