Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tha fàilte is furan a’ feitheamh ribh an seo anns an dachaigh Ghàidhealaich againn, aig cidhe baile brèagha Chaol Acainn, làmh ri Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Tha Am Fraoch Geal na thaigh-òsta beag, far nach fhaodar smocadh, anns a bheil 9 seòmraichean sgiobalta le taighean-beaga nan cois, a’ leigeil leinn seirbheis phearsanta a thoirt seachad nach eil ri fhaighinn ann an taighean-òsta nas motha. Bidh sinn a’ dèiligeadh le àiteachan-fuirich do aona neach gu buidhnean mòra - gu ruige 22 aoigh uile gu lèir. Ach ma tha sibh ag iarraidh an àite fhaighinn dhuibh fhèin tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh an àite buidhne agaibh fada ro làimh. Gheibh sibh fois agus càirdeas anns an Fhraoch Gheal cho math ri deagh sheirbheis agus sinn an dòchas gun còrd an ùine agaibh an seo ribh!

Tha dà sheòmar aoigh ann a dh’fhaodas sibh cleachdadh tron latha is air an oidhche. Feumaidh sibh a h-uile sian a dhèanamh air ur socair air an turas agaibh don Ghàidhealtachd mar sin carson nach gabh sibh fois an seo - tagh seòmar aoigh, dèan suidh air sòfa cofhurtail is gabhaibh fois: gheibh sibh tlachd às an t-sealladh fad greis, a’ coimhead nam bàtaichean iasgaich is nan sgothan a’ fàgail is a’ tilleadh don chidhe. Bidh an sealladh a’ sìor atharrachadh eadar muir-làn is tràigh agus anns na dathan is faileasan a thuiteas air Beinn na Caillich. Tha mòran ri fhaicinn fiù ‘s nach eil mòran a’ dol agus chan urrainn dhuibh ach sonas fhaighinn às an àite - mar a fhuair sinn fhèin!

Tha seòmar beag leughaidh againn anns a bheil leabhraichean, irisean, DVDan agus iMac a dh’fhaodas aoighean a chleachdadh. Tha wi-fi an asgaidh air feadh an taigh-òsta. Tha cidsin beag ann cuideachd airson aoighean, anns a bheil frids, microwave, inneal nigheadaireachd/tiormachaidh, inneal tost, coire, inneal cofaidh, iarann/bòrd iarnaigidh, cupannan/truinnsearan agus sinc.

Gheibh sibh ‘bracaist agus sealladh’ anns a’ mhadainn. Tha sinn moiteil às na tha sinn a’ tabhann airson bracaist, agus nuair a gheibhear sinn cuide ris an t-sealladh eireachdail, chan eil dòigh nas fheàrr ann airson an latha a chur air chois! Thoir sùil air a’ chlàr-bhìdh airson faicinn de na th’ againn!

Cuiridh sinn fàilte air coin a tha umhail, ged a tha sinn ag iarraidh gun lean sibh riaghailtean an taigh-òsta, gus nach cuirear dragh air na h-aoighean eile.

Tha àiteachan parcaidh againn do dh’aoighean a tha an asgaidh agus far an rathaid.

Tha am fiosrachadh Facebook againn gu h-ìosal agus beò is thèid ùrachadh gu cunbhalach is thèid agaibh air faighinn thuige tron làrach againn. Thèid agaibh air an t-ainm againn a bhriogadh anns an fhiosrachadh airson a dhol air adhart don duilleig cheart againn air Facebook (cha ruig sibh a leas ballrachd fhaighinn air Facebook), far am faighear an duilleag againn agus am fios as ùire, cho math ri na dealbhan a thog sinn anns na beagan bhliadhnachan a chaidh seachad. Chan fhaod sibh na beachdan agaibh a chur ann ge-tà no a dhol air adhart gu duilleagan pearsanta gun bhallrachd air Facebook. An dòchas gun còrd e ribh!

Links

White Heather Webcam

Check out our live webcam, situated on the top corner of our hotel - looking down onto the yachts and fishing boats in the harbour, across to Bheinn na Caillich and Sgurr na Coinnich, and down Loch Alsh, towards Kintail and Glenelg. If you're lucky you may even spot an otter, but more likely you'll see the local gulls and the heron, when they're fishing in the harbour at low tide. The camera takes still shots very 5 seconds, so while staying with us, you could speak to your friends on your mobile, while waving to them on the webcam!! You can move the camera through 7 fixed positions.

View of Kyleakin Harbour, Skye

click here for live Isle of Skye webcam

Apple Blossom Cottage

Apple Blossom is our detached, luxury, self catering cottage, situated in the friendly crofting community of Eabost, located on the west coast of Skye. The village lies 10 minutes drive from Dunvegan, 20 minutes from Portree and Sligachan.The cottage enjoys stunning, uninterrupted views of the Cuillin mountains to the east - the perfect position for an unbeatable sunrise and sunset!

View of Holiday Cottage, Isle of Skye

www.selfcateringisleofskye.co.uk